Tha Na H-uain Air An Tulaich
GA

Songtext von Tha Na H-uain Air An Tulaich

GenreFolk
Dauer0:46
OriginalspracheGA
Aufrufe211
AaLeseeinstellungen
Textgröße 18

Originaltext

GA
Noch keine Übersetzung verfügbar. Der Originaltext wird angezeigt.
Tha na h-uain air an tulaich A' mireag san fhraoch Tha na caorainn a fàs Agus blàth air gach flùr Tha na caorainn a fàs Agus blàth air gach flùr 'S tha an luingeas A' seòladh nan cuantan Bean na bainnse 's a cuideachd Don eaglais a' falbh Ise marcachd air thoiseach 'S a cruth mar an dealbh Agus gille ga leantainn Gur trom airsneulach falbh 'S a ghràidh Dol a phòsadh fear eile Aig an altair na seasamh 'S a fear-pòsda ri taobh Cur an fhàinne mu meòir 'S a' toirt bòidean a ghaoil Thuirt an gill' air a shocair "Mo ghràdh dhut chan aom Ged a tha thu Nis pòsd' aig fear eile" "Cladhaich m'uaigh," thuirt an gille "Far am faigh mise tàmh Cuir na fliùran oirr' thairis 'S bheir an t-earrach oirr' fàs Agus sìn mi fon ghlasraich Far an laigh mi gu bràth Cha chuir nì Ach am bàs I às m'aire" Tha na h-uain air an tulaich A' mireag san fhraoch Tha na caorainn a fàs Agus blàth air gach flùr Tha na caorainn a fàs Agus blàth air gach flùr 'S tha an luingeas A' seòladh nan cuantan Tha na h-uain air an tulaich A' mireag san fhraoch Tha na caorainn a fàs Agus blàth air gach flùr Thuirt an gill' air a shocair "Mo ghràdh dhut chan aom Ged a tha thu Nis pòsd' aig fear eile"

Mehr von Rachel Walker

Rachel Walker →

Ähnliche Songtexte