Duthaich MhicAoidh
GA

Paroles de Duthaich MhicAoidh

AlbumÒg-mhadainn Shamhraidh (Summer Dawn)
Année2006
GenreFolk
Durée6:10
Langue originaleGA
Vues233
AaLecture
Taille 18

Paroles originales

GA
Traduction indisponible. Les paroles originales sont affichées.
Mo mhallachd aig na caoraich mhòr Càit a bheil clann nan daoine còir Dhealaich rium nuair bha mi òg Mus robh dùthaich 'icaoidh na fàsach? Tha trì fichead bliadhna 's a trì On dh'fhàg mi dùthaich 'icaoidh Cait bheil gillean òg mo chrìdh' 'S na nìonagan cho bòidheach? Shellar, tha thu nist nad uaigh Gaoir nam bantrach na do chluais Am milleadh rinn thu air an t-sluagh Ron uiridh 'n d' fhuair thu d' leòr dheth? Chiad dhiùc chataibh, led chuid foill 'S led chuid càirdeis do na goill Gum b' ann an iutharn' bha do thoill Gum b' fheàrr Iùdas làmh rium Bhan-diùc chataibh, bheil thu ad dhìth Càit a bheil do ghùnan sìod? An do chùm iad thu bhon oillt 's bhon strì Tha an diugh am measg nan clàraibh? Mo mhallachd aig na caoraich mhòr Càit a bheil clann nan daoine còir Dhealaich rium nuair bha mi òg Mus robh dùthaich 'icaoidh na fàsach?

Plus de Kathleen MacInnes

Kathleen MacInnes →

Paroles similaires