Cumha Aoghnuis
GA

Cumha Aoghnuis के बोल

शैलीFolk
अवधि3:40
मूल भाषाGA
व्यूज़25
Aaपढ़ने की सेटिंग
टेक्स्ट आकार 18

मूल बोल

GA
Translation not available yet. Showing the original lyrics.
Gur e mise tha fo mhulad 'S mi air tulaich na h-àirigh Hò rò 's na hù ò Falbh ho rò n-àill u Hò rò 's na hù ò 'S mi ri coimhead na mara Ag cur thairis a'bhàta 'S mi ri coimhead nan gillean Air an linnidh 'g am bàthadh Mo thriùir bhràithrean ann 's m'athair Fear mo thighe 's e chràdh mi Bàs Aonghnuis a Barraidh Gur e sgar is a chràdh mi Chuir 'ad léine de'n anart Gun bhannan mu d'bhràghad Ann an cistidh chaoil, chumhaing Air a dubhadh 's a tàirneadh Och nan och mar tha mise Bean gun mhisneach gu bràth mi Té gun mhac, gun fhear taighe Té gun aighear, gun slàinte

Mary Jane Lamond के और गीत

Mary Jane Lamond →

संबंधित गीत