Thig An Smeòrach As t-Earrach
German

Thig An Smeòrach As t-Earrach lyrics

GenreFolk
Duration3:45
Original languageGerman
Views98
AaReading settings
Text size 18

Original lyrics

DE
Translation not available yet. Showing the original lyrics.
Thig an smeòrach a's t-Earrach Thig a' chuthag 's a'Chèitinn Bi gach eun anns a'choille Cumail coinneamh le chèile Seinn ciùil air bhàrr chrannaibh 'S air bharraibh nan geugan Agus mise 's mo leannan Dol na's fhaide bho chèile Tha mo chion air fhleasgach Dhonn leadanach bhòidheach Dhe'n a chinneadh nach strìochdadh 'S e de dh'fhìor fhuil Chlann Dòmhnaill 'S mòr gum b'fhèarr dhomh bhi agad Le beagan de stòras Na le buaile chrodh ballach Agus balach nach b'eòlach Comhairl' bherinns' air caileig Gun bhith amaideach gòrach Gun i thoirt a gaol falaich Do bhalach nach b'eòlach Bi e briathrach ri tighinn 'S bi a chridhe na ròidean 'S bi a shùil as a dheidhidh Ach cò a roghainn a's bòidhche

More from Ishbel MacAskill

Ishbel MacAskill →

Related lyrics