Ho Ro Chan Eil Cadal Orm
GA

Testo di Ho Ro Chan Eil Cadal Orm

GenereFolk
Durata4:05
Lingua originaleGA
Visualizzazioni111
AaLettura
Dimensione 18

Testo originale

GA
Traduzione non ancora disponibile. Mostriamo il testo originale.
Ho ro cha'n 'eil cadal orm Cha'n 'eil m' air' air sòlas Mo chul-thaobh ri ceòl gàire Bho'n latha chaidh mo phòsadh Bha m'athair is mo mhàthair 'S mo bhràithrean uile deònach Mo phòsadh ris an t-seann fhear O'n bha mi gann do stòras Ho ro cha'n 'eil cadal orm 'S e 'n t-òr thug an car asam 'S e 'n seann fhear rinn mo bhuaireadh 'S e 'm pòsadh rinn mo shàruch ''S tha bhlàth sud air mo ghruaidh-se Ho ro cha'n 'eil cadal orm 'N uair bhitheas càch 's na bàiltean 'A crathadh an cuid ghùntaibh Bith'dh mise leis an t-seann fhear A's srann aig air mo chùl-thaobh Ho ro cha'n 'eil cadal orm Comhairl' oirbhs' a chaileagan An earail seo na diùltaibh Gun tàir a dhean' air òigh-fhear Ged bhith's a sporan sùmhail Ho ro cha'n 'eil cadal orm Cha'n 'eil m' air' air sòlas Mo chul-thaobh ri ceòl gàire Bho'n latha chaidh mo phòsadh

Altro di Ishbel MacAskill

Ishbel MacAskill →

Testi correlati