Ho Rò Chan Eil Cadal Orm
GA

Testo di Ho Rò Chan Eil Cadal Orm

GenereFolk
Durata3:37
Lingua originaleGA
Visualizzazioni96
AaLettura
Dimensione 18

Testo originale

GA
Traduzione non ancora disponibile. Mostriamo il testo originale.
Ho rò, chan eil cadal orm Chan eil m' air' air sòlas Mo chùlaibh ri ceòl gàire Bho 'n latha chaidh mo phòsadh Ho rò, chan eil cadal orm Bha m'athair is mo mhàthair 'S mo bhràithrean uile deònach Mo phòsadh ris an t-seann fhear On bha mi gann de stòras Ho rò, chan eil cadal orm 'S e 'n t-òr a thug an car asam 'S e 'n seann fhear rinn mo bhuaireadh 'S e 'm pòsadh rinn mo shàrach 'S tha bhlàth siud air mo ghruaidh-sa Ho rò, chan eil cadal orm Chan eil m' air' air sòlas Mo chùlaibh ri ceòl gàire Bho 'n latha chaidh mo phòsadh Ho rò, chan eil cadal orm Nuair bhios càch 's na bailtean 's iad A' crathadh an cuid ghùntaibh Bidh mise leis an t-seann fhear A's srann aig air mo chùlaibh Ho rò, chan eil cadal orm Comhairl' oirbh a chaileagan An earail seo na diùltaibh Gun tàir a dhean' air òigfhear Ged bhios a sporran sùmhail Ho rò, chan eil cadal orm Chan eil m' air' air sòlas Mo chùlaibh ri ceòl gàire Bho 'n latha chaidh mo phòsadh Ho rò, chan eil cadal orm Ho rò, chan eil cadal orm Chan eil m' air' air sòlas Mo chùlaibh ri ceòl gàire Bho 'n latha chaidh mo phòsadh Ho rò, chan eil cadal orm

Altro di Rachel Walker

Rachel Walker →

Testi correlati