Fhir An Leadain Thlàth
GA

Fhir An Leadain Thlàth 歌詞

ジャンルFolk
時間3:03
原文言語GA
閲覧数26
Aa表示設定
文字サイズ 18

原文歌詞

GA
翻訳はまだありません。原文を表示しています。
Fhir an leadain thlàth Dh'fhàg thu mi fo bhròn Fhìr chùl dualaich chleachdaich 'S bòidhche snuadh ri fhaicinn Tha do ghaol an tasgaich 'N seòmar glaist' nam fheòil Fhìr an leadain chraobhaich B'òg a rinn thu m'aomadh Thug thu mi o m'dhaoine Fhuair mo shaonthair òg Fhir an leadain laghaich 'S tu mo rùn 's mo roghainn Nan sguireadh tu thadhal 'S an tigh 's am bi'n t-òl An toiseach a' gheamhraidh 'S ann a ghabh mi geall ort Shaoil leam gum bu leam thu 'S cha do sheall thu 'm chòir 'N gàire rinn mi'n uiridh Chuir mo cheum an truimead 'S mise tha gu duilich 'S muladach mo cheòl Tha mi trom an dràsd' 'S e sin fàth mo dheòir

Flora MacNeil の他の曲

Flora MacNeil →

関連歌詞