Griogal Cridhe
GA

Griogal Cridhe 歌詞

ジャンルFolk
時間4:23
原文言語GA
閲覧数200
Aa表示設定
文字サイズ 18

原文歌詞

GA
翻訳はまだありません。原文を表示しています。
'S iomadh oidhche fhliuch is thioram Sìde nan seachd sian Gheibheadh griogal dhomhsa creagan Ris an gabhainn dìon Sèist: Obhan, obhan, obhan iri Obhan iri o Obhan, obhan, obhan iri 'S mòr mo mhulad, 's mòr Dhìrich mi dhan t-seòmar mullaich 'S theirinn mi 'n taigh làir 'S cha d'fhuair mise griogal cridhe Na shuidhe mun chlàr Eudail mhòir de shluagh an domhain Dhòirt iad d'fuil an-dè 'S chuir iad do cheann air stob daraich Tacan beag bho d' chrè B'annsa bhith le griogal cridhe Teàrnadh chruidh le gleann Na le baran mòr na dalach 'S sìoda geal mu'm cheann Chan eil ùbhlan idir agam 'S ùbhlan uile aig càch Sann tha m'ubhal cùbhraidh, caineil 'S cùl a chinn ri làr Nuair bhios mnathan òg' a' bhaile Nochd nan cadal sèimh Sann bhios mis' air bruaich do lice Bualadh mo dha làimh

Ishbel MacAskill の他の曲

Ishbel MacAskill →

関連歌詞