Och Òin Mo Chailinn
GA

Och Òin Mo Chailinn 歌詞

ジャンルFolk
時間4:30
原文言語GA
閲覧数104
Aa表示設定
文字サイズ 18

原文歌詞

GA
翻訳はまだありません。原文を表示しています。
Dh' eirich mi moch air mhaduinn an de 'S gun gheàrr mi'n ear-thalmhainn do bhrìgh mo sgeil An dùil gu 'm faicinn fhèin rùn mo chleibh Och òin gu 'm faca 's a cùl rium fèin Och òin mo chailinn 's mo shùil ad dhèidh Och òin mo chailinn 's mo shùil ad dhèidh Mo lili mo lili 's mo shùil ad dhèidh Cha leur dhomh am beallach aig cumha nan deur Na'm biodh sud agam mo lùth 's mo leum Mi 'm shuidh air a bheallach 's mo chù air èill Gun deanainn-sa cogadh gu làidir treun Mu'n leiginn mo leannan le fear tha fo'n ghrein Tha mulad orm-sa is fiabhras mòr O chualas gu 'n deach' thu le brian a dh'òl Mo chomunn cha deanain ri mnaoi tha san fheòil O rinn thu mo thrèigsinn 's mi fhèin a bhith beò O chan eil uiseag no aoilinn bhàn Am bàrr a' chaisteil far robh mi 's mo ghràdh Nach bheil ri tuireadh do'oidhche 's do là O chual iad gun ghlacadh mo chailinn air làimh Nan tigeadh tu 'm baile le d' ghille 's le t-each Gu'm fosglainn an dorus 's gu leiginn thu 's teach Gu'n deanainn do leapa 's gu'n laidhinn fhèin leat 'S cha b'fhad leinn an oich'ged bhiodh mìos innt air fad Och òin mo chailinn 's mo shùil ad dhèidh Och òin mo chailinn 's mo shùil ad dhèidh Mo lili mo lili 's mo shùil ad dhèidh Cha leur dhomh am beallach aig cumha nan deur Mo lili mo lili 's mo shùil ad dhèidh Cha leur dhomh am beallach aig cumha nan deur

James Graham の他の曲

James Graham →

関連歌詞