Tha Sinn A' Falbh
GA

Tha Sinn A' Falbh 歌詞

ジャンルFolk
時間4:09
原文言語GA
閲覧数61
Aa表示設定
文字サイズ 18

原文歌詞

GA
翻訳はまだありません。原文を表示しています。
Tha sinn a' falbh, 's gum bith sinn a' falbh 'S an t-Sealbh a bhith ghar còmhnadh Nuair thig an t-sìth a null on Fhraing Gun taing gu faigh sinn fòrladh 'S bòidheach leam a' dol san ruaig sibh 'S buaidheach leam 'ur còmhdach Boineid ghorm is ite peucaig 'S trom mo cheum on sheòl sinn 'S iomadh màthair tha gun mhac Is piuthar tha gun bhràthair Is nigheanag òg a tha gun leannan On sheòl sinn thar sàile 'S tha na h-ighneagan fo mhulad 'S tha iad uile brònach An liuthad saighdear bòidheach dearg A dh'fhalbh a dh'arm Righ Seòras 'S fhir as coireach bhith ghar togail 'S bhith ghar cur an òrdugh Nar fhada gum bi claidheamh cruadhach Suas ri meall do sgòrnain

Margaret Stewart の他の曲

Margaret Stewart →

関連歌詞