Gad Ionndrainn
GA

Gad Ionndrainn 가사

장르Folk
길이6:09
원문 언어GA
조회수132
Aa읽기 설정
글자 크기 18

원문 가사

GA
번역이 아직 없습니다. 원문 가사를 표시합니다.
Nach mis' tha gu trom Glas chiamhaig nam cheann Tha mi brist', tha mi aonranach brònach Oir tha màthair mo chloinn Bean mo ghaoil is mo mhnaoi Anns a' chladh air an aoidh fo na fòidean Cha thuig duine gu bràth Meud mo mhulaid 's mo chràdh Tha mo chlann air am fàgail gun mhàthair Chan eil madainn no oidhch' Nach bi mi ga caoidh Air a son shil mi deòirean gun nàire Tha an sgiath a bha blàth Air a càradh 's na clàir 'S bha do bhàs dhuinn mar deireadh an t-saoighail Oir tha'n dachaigh 'bha blàth Lan gaol agus gràdh Air a creachadh, 's na ballan air sgaoileadh Cha teid mionaid do bhàis As mo chuimhne gu bràth Bha do chlann air do chùram nad éiginn Nuair a dhùin mi do shùil Bu ro bhòidheach do ghnùis Mar an ròs fon an driùchd anns a' chéitein Tha mi cinnteach, a luaidh Gu bheil thu 'm pàrras ud shuas Tha na dh' fhuiling thu nis air do chùlaibh Gus an dùin mi mo shùil Anns a' chadal nach dùisg Ga d' ionndrainn bi mi, is toirt cliù dhuit

Anna Murray의 다른 곡

Anna Murray →

관련 가사