Eilean Uibhist Mo Rùin
GA

Eilean Uibhist Mo Rùin 가사

장르Folk
길이3:16
원문 언어GA
조회수768
Aa읽기 설정
글자 크기 18

원문 가사

GA
번역이 아직 없습니다. 원문 가사를 표시합니다.
Eilean uibhist mo rùin Eilean cùbhraidh nam beann Eilean uibhist mo rùn B'e mo dhùrachd bhith ann An eilean uibhist mo rùn B'e mo shòlas bhith air m' eòlas San eilean bhòidheach ud thall Far am faic mi mo chàirdean 'S gheibhinn fàilte nach gann An eilean uibhist mo rùn Far am faic mi fìr òga Ghearradh mòine nan deann 'S a ghearradh snasail an t-eòrna 'S a chuireadh dòrlach sa bhann An eilean uibhist mo rùn Far am faic mi fìr liatha Glic-bhriathrach nan cainnt Mean-bheachdach sean-eòlach A' toirt seòladh don chloinn An eilean uibhist mo rùn Far am faic mi mnathan uasal Aoigheil, uallachal, trang Tha ro-ainmeil nan stòltachd 'S an gnìomh dòigheil nan làimh An eilean uibhist mo rùn Tha coibhneas is bàigh 'Gabhail àit' ann an com Gach neach a chaidh àrach Fo sgàile nam beann An eilean uibhist mo rùn Bi aoigheachd is fàilte Gu bràth feadh nan gleann Fad 's a bhuaileas air tràigh Boinne sàile nan tonn An eilean uibhist mo rùn 'S e slàn leis na dh'fhàg mi Bheir mo dhàn-sa gu ceann 'S le m' phiuthar, 's le m' bhràithrean 'S le m' phàrantan thall An eilean uibhist mo rùn Eilean cùbhraidh nam beann Eilean uibhist mo rùn B'e mo dhùrachd bhith ann An eilean uibhist mo rùn

Dóchas의 다른 곡

Dóchas →

관련 가사