An Innis Aigh
GA

An Innis Aigh 가사

장르Folk
길이4:28
원문 언어GA
조회수426
Aa읽기 설정
글자 크기 18

원문 가사

GA
번역이 아직 없습니다. 원문 가사를 표시합니다.
Seinn an duan seo dhan innis àigh An innis uaine as gile tràigh Bidh sian air uairean a' bagairt cruaidh ris Ach se mo luaidh-sa bhith ann a' tàmh Càit' as tràith an tig samhradh caomh Càit' as tràith an tig blàth air craobh Càit' as bòidhche 's an seinn an smeòrach Air bhàrr nan ògan 's an innis àigh An t-iasg as fiachaile dlùth don tràigh Is ann ma chrìochan is miann leis tàmh Bidh gillean easgaidh le dorgh is lìontan Moch, moch ga iarriadh mun innis àigh 'S ged thèid mi cuairt chun an taoibh ud thall 'S mi 'n dùil air uairibh gu fan mi ann Tha tàladh uaigneach le teas nach fuairich Gam tharraing buan don innis àigh O 's geàrr an ùine gu'n teirig latha Thig an oidhche 's gun iarr mi tàmh Mo chadal buan-sa bidh e cho suaimhneach Mo bhios mo chluasag 's an innis àigh

Ishbel MacAskill의 다른 곡

Ishbel MacAskill →

관련 가사