Laoidh Fhearchair Eoghainn
GD

Laoidh Fhearchair Eoghainn 가사

앨범Downriver
연도2005
장르Folk
길이3:56
원문 언어GD
조회수89
Aa읽기 설정
글자 크기 18

원문 가사

GD
번역이 아직 없습니다. 원문 가사를 표시합니다.
S iomadh fear bòidheach, 's an fhraing air a' chòmhnard, Tha'n am parantan brònach Agus leòinte air an sgàth, Nach fhaic iad ri' m beò iad Gun cruinneachar iad còmhla, ' bi fearchar beag eòghainn 's an dròbh a-measg chàich. Gur mòr a bha dhùil àm, Ri'd fhaicinn 's an dùthaich, Is gàire air do ghnùis, On dh'fhairich thu cùisean- Nach tig thu gam ionnsaigh Bhon dh'fhàillig a' chùis ort, Mo bheannachd a-null Dhan an ùir is bheil thu cnàmh. 'se dh'fhàg mi cho cianail, Bhi cuimhneachadh d'iomhaigh, Do ghruaidhean bha brèagha, Agus sgiamhach le càch, Nach fhaic mi gu siorraidh Air sàilleabh an dìocail, Am mòr-fhear 'gar h-iarraidh Chuir ceudan gu bàs. Ach sguiridh an càisear, Dha innleachdan gleusda Tha balaich 'na dhèidh, Chuireas e ann an sàs. Nuair shuidheas na treumhan, 's an cinn chuir ri chèile, Bi litir 's a' phàipear, 'ga leughadh ma bhàs. Ged dh' fhàg iad an dhiochuimhn', Gun fhios dè bu chrìoch dhut, Chan fhàgar le dia thu, Nuair dh'iarrar thu n'àird, Gun èirich le iomhaigh, Mar chunna' mi riamh thu, Bidh do nàimhdean le fiamh, A' toir fianais mu'd bhàs. Na bithinn-sa dlùth dhut Nuair thàrr iad 'gad ionnsaigh Le gunna nach dùbailt, Is e ùr na mo làmh, Bhiodh preasadh air fùdar, Fo bheugaileid rùisgte, Mas faicinn thu rùin, Is do chùl ris an làr.

Karen Matheson의 다른 곡

Karen Matheson →

관련 가사