Chan E Caoidh Mhic Shiridh
GA

Chan E Caoidh Mhic Shiridh 가사

앨범Spiorad Beatha (The Spirit Of Life)
연도2001
장르Folk
길이3:37
원문 언어GA
조회수91
Aa읽기 설정
글자 크기 18

원문 가사

GA
번역이 아직 없습니다. 원문 가사를 표시합니다.
Chan e caoidh Mhic Shiridh Dh'fhàg an dil' air mo ghruaidh Hu o ro hu o Ho ro o hi o hi o Hu o ro hu o Chan e caoidh mo leannain Ged a dh'fhanadh e bhuam Ach a'caoidh mo bhràthair Chaidh a bhàthadh 's a'chuan 'S duilich leam do chùl chlannaich Bhith 's an fheamainn 'ga luadh 'S duilich leam do gheal dheudan Bhith' ga' reubadh 's a'chuan Tha do leabaidh gun chàradh 'S fhad' o'n dh'fhàg thu i fuar Cha tèid mise ga càradh Tha thu ghràidh ro fhad' bhuam 'S tric mo shùil air an Rubha Bhon bhruthach ud shuas Fiach am faic mi seòl brèidgheal Latha grèine 's a chuan

Maggie MacInnes의 다른 곡

Maggie MacInnes →

관련 가사