O Nighean Donn Nan Gobhar
GA

O Nighean Donn Nan Gobhar 가사

장르Folk
길이1:33
원문 언어GA
조회수68
Aa읽기 설정
글자 크기 18

원문 가사

GA
번역이 아직 없습니다. 원문 가사를 표시합니다.
Ged a tha mi 'nochd 's a'chòisridh Maille ri fleasgaichean bòsdail 'S nionagan cho rìomhach, spòrsail Le sìoda 's le sròl a' danns' Ó nighean donn nan gobhar É nighean donn nan gobhar Trom m' inntinn 'is mi nad dheoghaigh Bòidheach, laghach, mo nighean donn Nionagan cho rìomhach stràiceil 'S beag a chuir mi dh'ùigh 'n an àbhachd 'S mòr gu'm b'annsa leam bhi mànran Riut, a ghràidh, air sgàth an tùim 'S mór gu'm b'annsa leam bhi 'sùgradh Leis an nìonag chaoin-ghil, chùil-duibh Anns an doire, goir an smùdan Bun an stùic air ùrlar glinn 'S ann leam fhìn bu bhinne chòisridh Anns a' mhadainn chéitein, cheòthar Uiseagan os cionn nan lòintean Smeòraichean air meòir 's a' choill Siod an ceol bu bhinne chualas Luinneag foil aig bannal ghruagach Ag iomain a'chruidh-laoigh do'n bhuaile Cuach a's buarach air an druim Lasgadh mo chridhe le gràdh dhuit 'Nuair a nochdadh tu air fàireadh 'S tu cho geal ri cobhar sàile 'Tighinn gu tràigh air bhàrr na tuinn

Mary Jane Lamond의 다른 곡

Mary Jane Lamond →

관련 가사