Fichead Bliadhna
GA

Fichead Bliadhna 가사

장르Folk
길이2:38
원문 언어GA
조회수50
Aa읽기 설정
글자 크기 18

원문 가사

GA
번역이 아직 없습니다. 원문 가사를 표시합니다.
Ruith sa mhonadh, ruith nam beann 'S mar sin dhan sgoil aig deireadh samhraidh Nar clann aig coig bliadhna dh'aois Gun facal beurla nar ceann "Seo do leabhar, seo do pheann Dean do leasan," thuirt iad riumsa "'S gun èirich sibh suas anns an t-saoghal 'S gheibh sinn air adhart ann" Fichead bliadhn' airson fìrinn B'fheudar dhomh feithreamh, b'fheudar dhomh lorg Fichead bliadhn' de bhriagan Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn Dh' ionnsaich sinn a leithid ann Cànan 's bàrdachd, bàrdachd bheurla Ceòl na ghearmailt, eachdraidh na spainnt 'S b' e sin an eachdraidh mheallt Bhon sgoil don oilthaigh chaidh sinn ann A' leantal foghlam, tuilleadh foghlam Mar amadan air deireadh streang Seorsa de dh'fhoghlam nam cheann Ach dh'èirich mi suas anns an t-saoghal Fhuair mu deise 's fhuair mi lèine Fhuair mi àit' ann an sùilean dhaoin' Fada bhon mhonadh mi 'n dràsd Carson a chum iad eachdraidh bhuainn? Innsidh mi dhut, tha iad gealltach Mas eirich clan nan gàidheal suas Le ceistean sireach is cruaidh Nuair a thòisich mi air lorg Cha do chreid mi mo shuilean, obair olc Fichead bliadhn', fichead bliadhn' Fichead bliadhn' 's mi aineolach Fichead bliadhn'

Rachel Walker의 다른 곡

Rachel Walker →

관련 가사