Original lyrics
GATranslation not available yet. Showing the original lyrics.
Hill eileadh ho gu
Dh'fhalabh mo run bho chionn seachdain
Hill eileadh ho gu
Dh'fhalbh mo rùn air a' bhàta
Guma slan thig e dhachaigh
Dh'fhalbh mo rùn bho chionn bliadhna
Dh'fhalbh mo chiall bho chionn seachdain
Tha mo cheist ort a Dhòmhnaill
B'e tu 'n t-òganach dreachar
'S mi ri feitheamh Caol Ìle
Cinntìre nan cas bheannan
B'e mo mhiann a bhith sùgradh
Ri òg ùr a chùil chleachdaich
Tha mo cheist ort a Dhòmhnaill
B'e tu 'n t-òganach dreachar
B'e mo rùn a bhith rèidh riut
'S bhith gur n-èigheach aig altair
'S ann tha càirdean mo leannain
A's na h-eileinean tarsuinn
Clann Dòmhnaill, Clann Raghnaill
Clann Laomainn, Clann Lachlainn