Canan Nan Gaidheal
GA

Canan Nan Gaidheal 歌词

流派Folk
时长5:12
原文语言GA
浏览量524
Aa阅读设置
文字大小 18

原文歌词

GA
暂时没有翻译,当前显示原文歌词。
Cha b'e sneachda 's an reothadh o thuath Cha b'e an crannadh geur fuar on ear Cha b'e an t-uisge 's na gaillionn on iar Ach an galar a bhlian on deas Blàth, duilleach, stoc agus freumh Cànan mo threubh is mo shluaidh Sèist: Thig thugainn, thig cò' ruim gu siar Gus an cluinn sinn ann cànan nam fèinn Thig thugainn, thig cò' ruim gu siar Gus an cluinn sinn ann cànan nan gàidheal Nuair chithear fear fèilidh 's a' ghleann Bu chinnteach gur gàidhlig a chainnt Nuair spìon iad a fhreumh às an fhonn An àite gàidhlig tha cànan a' ghoill Is ghaidhealtachd creadhal nan sonn 'S tìr "mhajors" is "cholonels" 'n-diugh innt' Thoir a-nuas dhuinn na coinnleirean òir 'S annta càraibh na coinnlean geal, cèir Lasaibh suas iad an seòmar a' bhròin Taigh aire seann chànan a' ghàidheil Se siud o chionn fhad' thuirt an nàmh Ach fhathast tha beò cànan a' gàidheal Ged a theich I le a beath' às na glinn Ged na cluinnear a-nis muigh I san dùn O dhùthaich mhic aoidh fada tuath Gu ruig thu druim uachdair nam bò 'S iathadh nan eileanan siar Si fhathast ann ciad chainnt an t-slòigh

更多 Ishbel MacAskill

Ishbel MacAskill →

相关歌词