Òran A' Mharaiche
GA

Òran A' Mharaiche 歌词

专辑Spiorad Beatha (The Spirit Of Life)
年份2001
流派Folk
时长6:28
原文语言GA
浏览量73
Aa阅读设置
文字大小 18

原文歌词

GA
暂时没有翻译,当前显示原文歌词。
O 's ann tha mo ghaol-sa thall Fo dhubhar nan craobh 's nam beann Sgiobair thu air long nam ball 'S ann tha m'annsachd air a mharaich' O 's ann tha mo ghaol-sa thall Dh'aithnichinn thusa fada bhuam Togail do shùil air a'chuan 'S ged a shèideadh i on tuath Bhiodh tu luaidh am bàrr a crannan 'S e mo cheist an gille donn Theid do chrannagaibh na luing Dh'fhàg thu mo chridhe-sa trom Mar chloich ann an gleann nach caraich Chan iarrainn airgead no sprèidh No nì eile tha fon ghrèin Ach mi dh'fhaighinn mo thoil fhèin Shiùbhlainn rèidh le m'chèile-falaich Gura mise tha fo ghruaim 'Nuair chì mi a'chlann-nighean uam Cnot de ribeinean mun gruaig 'S mise cumail suas a'bharrain Di-Dòmhnaich a gheall thu ghaoil Mo choinneachadh anns an fhraoch Dhòmhsa bha 'n gealladh ud faoin Thug thu'n gaol's cha b'ann do dh'Anna Cha do chreid mi mar aon Gun robh t'aigne dhomh cho faoin No gu'n tilgeadh tu mi thaobh Mar gun tilgeadh craobh a barrach

更多 Maggie MacInnes

Maggie MacInnes →

相关歌词