Dannsaidh Giomach Ri Crubag
GA

Dannsaidh Giomach Ri Crubag 歌词

专辑Tickettyboo - Orain Chloinne (Songs For Children)
年份2002
流派Folk
时长2:13
原文语言GA
浏览量58
Aa阅读设置
文字大小 18

原文歌词

GA
暂时没有翻译,当前显示原文歌词。
Ruighleadh giomach ri crubaig Agus crubag ris a ghiomach Gun dannsadh giomach ri crubag 'S gun ruighleadh iad ri grunnd na mara Ruighleadh giomach ri crubaig Agus crubag ris a ghiomach Gun dannsadh crubag ri crubag 'S gun seatadh an giomach carach Ruighleamaid is dannsamaid 'S gu seatamaid 's gum biomaid math air Ruighleamaid le iongnan grinn Ri guth ro bhinn na maighdean mhara Dannsamaid is ruighleamaid Is seataidh sinn gun toir sinn fairis Ars' an giomach ris a' chrubaig 'S iad a' danns' air grunnd na mara "Ah," ars' an giomach ris an fhidhleir Crosgag a bha glan agus binn air Tha bhogha 's na teudan a' sgiamhail 'S a' sgreuchail mar bheathach allaidh 'S thionndaidh a' chrubag ris an drumair Ochd chasach a bha cumail buille "Cha chum mo chasan riut tuilleadh Chan urrain dhomh aon cheum nas fhaide" Cha sgaoth de sgadan anns a' choisir Agus rionnach a' seinn comhla Bha trosgag is adag is ron ann A' cumail fonn air grunnd na mara

更多 Mairi MacInnes

Mairi MacInnes →

相关歌词