Fagail Bhornais
GA

Fagail Bhornais 歌词

专辑Orosay
年份2001
流派Folk
时长5:07
原文语言GA
浏览量80
Aa阅读设置
文字大小 18

原文歌词

GA
暂时没有翻译,当前显示原文歌词。
Gur mi bha gorach a fagail bhornais An t-aite is boidhche leam tha fo'n ghrein Ged tha clach ri faotainn is geugan fraoich ann Tha talamh maoth ann is e farsainn reidh A chruit is breagha air an dealraich grian ann Is loch an iasgar 's I shios fo ceann Am breac cho lionmhor a dol dh'an lion ann 'S gach gne de dh'eunlaith mu'n chladach thall Gur ann di domhnaich a dh'fhag mi bornais Bha mi'nntinn bronach 's mi sileadh dheur Mi fhin 's mo phaisdean cuir cul ri'r n-ardaich Far am faighte tamh agus cadal reidh 'Sann tha mi'n drasda ag iomall fasaich 'S tha m'inntinn craiteach 's cha dean e feum Gur bochd an saoghal mar ni e caochladh 'S tha mis na m'onar an seo leam fhein Gur sinn bhiodh sunndach aig am bliadhn' ura A deanamh sugradh le na gilean og Mi fhin 'smo chairdean gu cridheil baidheil Ag ol deoch shlainteachan dhaoin' tha coir 'S an eilean uasal gu'n teas gu'n fhuachd ann Ach gaoth a tuath nach dean coire mhor Gu'n caidlinn suaineach an lagan luachrach Gu's an duisginn suas anns a mhaduinn oig Ceud soraidh slan leis an eilean aluinn Far an d'fhuair mi m'arach 'nuair a bha mi og Bidh crodh is caoirich air feadh na'n raointean Air bheagan saoithair do dhaoin' tha beo Bi biadh is aodach gu paillt ann daonnan Gur sona daoin a bhitheas ann ri'm beo Se a bhith riasladh 'sa choille fhiadhaich Far bheil a ghrian 'si a losgadh m'fheoil

更多 Mairi MacInnes

Mairi MacInnes →

相关歌词