Neamhnaid Gheal Dochais
GA

Neamhnaid Gheal Dochais 歌词

专辑This Feeling Inside
年份1995
流派Folk
时长6:39
原文语言GA
浏览量32
Aa阅读设置
文字大小 18

原文歌词

GA
暂时没有翻译,当前显示原文歌词。
'S mor an leasan seo a thuigisinn Gur e dòchas neamhnaid gheal gun phrìs An uair a thig na gaòthan fuara A bhriseadh bhalla-diòn ar sìth Chan eagal duinn' nuair chithear boillsgeadh De sgòthan dubh' aig oir ar fianais A togail cùrs' a steach dhar n-ionnsaigh Le tuil ro-throm an cridh' a' liònadh Soraidh slàn ri saoghal dorcha Agus fàilte mhór gu dachaigh ùr Steach gu tearmann shàbhailt àlainn A thogar suas na mheadhon gaoil Fiù 's a staigh am broinn an fhàsgaidh Tha obair nuadh an seo ri dheanamh A' cumail glan gach seòmar sàmhach Bho thruailleadh inntinn fuairmean criònaidh 'S mor am feum a staigh nar n-àigne Bhith glanadh plaide throm eu-dòchais A sgùradh as gach uile shalchar Le dàin bho'n cridhe laoidhean sòlais 'S tiòdhlac thalaideach gun phrìs e Tha feathamh oirnn mar ni ar spàirn Duil a dhireas faid na stàidhre Gar toirt gu tioram gu ar dàn Soraidh slàn ri saoghal dorcha Agus fàilte mhór gu dachaigh ùr Steach gu tearmann shàbhailt àlainn A thogar suas na mheadhon gaoil Soraidh slàn ri saoghal dorcha Agus fàilte mhór gu dachaigh ùr Steach gu tearmann shàbhailt àlainn A thogar suas na mheadhon gaoil

更多 Mairi MacInnes

Mairi MacInnes →

相关歌词