Smeòrach Clann Dòmnaill
GA

Smeòrach Clann Dòmnaill 歌词

流派Folk
时长3:47
原文语言GA
浏览量150
Aa阅读设置
文字大小 18

原文歌词

GA
暂时没有翻译,当前显示原文歌词。
Hoilibheag hilibheag hó ail il ó Hoilibheag hilibheag hó ró i Hoilibheag hilibheag hó ail il ó Smeòrach le Clann Dòmhnaill mi Smeòrach mis' air ùrlar Phaibil Crùbadh ann an dùsal cadail Gun deòrachd a théid nas fhaide Truimid mo bhròin thòirleum m' aigne Smeòrach mis' air mullach beinne 'G amharc gréin is speuran soillear Théid mi stòlda chòir na coille Bidh mi beò air treòtas eile Ma mholas gach eun a thìr féin Cuim' thar éis nach moladh mise? Tìr nan curaidh, tìr nan cliar An tìr bhiadhchar fhialaidh mhiosail Measg Chlann Dòmhnaill fhuair mi m' altrum Buidheann nan seòl 's nan sròl daithte Nan long luath air chuantan farsaing Aiteam nach ciùin rùsgadh ghlas lann Na fir eòlach stòlda stàideil Bha 's a' chòmhstri stròiceach scaiteach Fir gun bhròn gun leòn gun airtneul Leanadh tòir, is tòir a chaisgeadh Buidheann mo ghaoil nach caoin caitean Buidheann nach gann greann san aisith Buidheann shanntach 'n àm bhith aca Rùsgadh lann fo shranntraich bhratach

更多 Rachel Walker

Rachel Walker →

相关歌词