Cumha Alasdair Dhuinn
GA

Cumha Alasdair Dhuinn 歌詞

ジャンルFolk
時間3:36
原文言語GA
閲覧数57
Aa表示設定
文字サイズ 18

原文歌詞

GA
翻訳はまだありません。原文を表示しています。
'S trom an luchd so th' air m' inntinn Agus m' uirsgeul r' a innse gur truagh Thriall mo shùgradh 's mo mhànran Lìon tùise 'na àite mi 's gruaim Tha mo choill air a maoladh 'S nì soilleir a shaoil air mo ghruaidh 'S tearc mo shocair r' a fhaotainn O' n là ghlacadh le aog thu cho luath 'S ann a' cheud là do 'n earrach Bhuail an t-eug orm, an spealadair lom Bhrist air ubhlan mo ghàrraidh Leag e m' abhall fo bhlàth bharr a bhonn Riumsa bhuin e neo-fharasd Nuair thug e uam Alasdair Donn Mo chruas iomart 's mo charrachd 'S truagh dhuinne nach tearainn sinn bonn 'Se do chàradh fo eislig Rinn mo chràladh fo asnach mo chlèibh Chuir mo chrìdh as a chochall Chor 's nach suidhich e socair 'na dhèidh Gura luaithe e le bhuillean Na mar ghluaiseas an duilleach air ghèig Chaidh mo shlàinte gu mearan Chan eil feum bhith 'ga ghearan ri lèigh Thriall gach socair bha agam Chaidh mo chòmhnaidh 's mo chadal an lugh'id Tha leann-dubh agus airtneal Gam tharruing gu leabadh nam shlaod 'Gam shìor ruagadh 'nam shlapan Dh' aindeoin cruadail na tapaidh g' am faod Tha mo ghuala gun taice O'n là bhuaileadh tu 'shlacan an aoig

James Graham の他の曲

James Graham →

関連歌詞