Tha Mo Rùn
GA

Tha Mo Rùn 가사

장르Folk
길이5:38
원문 언어GA
조회수43
Aa읽기 설정
글자 크기 18

원문 가사

GA
번역이 아직 없습니다. 원문 가사를 표시합니다.
Tha mo rùn air a' ghille 'Se mo dhùrachd gun tig thu 'S mi gu siubhladh leat am fireach Fo shileadh nam fuar bheann Oidhche shamhraidh dhomh 's mi'm ònar Air mo ghaol sa ni mì òran 'S truagh a rìgh, nach robh mi pòsd Aig òigear a' chùil dualaich O gur e mo cheist an t-òigear Fear chùil duinn 's an leadain bhòidhich 'S mi gu siubhladh leat thar m'eòlais Ged tha'n còta ruadh ort Ged tha blàth na bric 'ad aodann Cha do lughdaich siod mo ghaol ort 'S mi gu siubhladh leat an saogh'l Na'n saoilinn fhein do bhuannachd Tha an nollaig tighinn as ùr oirnn Ged a tha gur beag mo shùrd rith' Am fear nach fhàgadh mi sa chùil Air chùl nan garbh thonn uaine Tha mo rùn air a' ghille 'Se mo dhùrachd gun tig thu 'S mi gu siubhladh leat am fireach Fo shileadh nam fuar bheann

Anna Murray의 다른 곡

Anna Murray →

관련 가사