Soraidh Bhuam Far Chuan Is Beannachd
GA

Soraidh Bhuam Far Chuan Is Beannachd lyrics

AlbumSpiorad Beatha (The Spirit Of Life)
Year2001
GenreFolk
Duration5:18
Original languageGA
Views76
AaReading settings
Text size 18

Original lyrics

GA
Translation not available yet. Showing the original lyrics.
Soraidh bhuam far chuan is beannachd Chun an àite as àille sealladh Far an d'ionnsaich mi 'nam phàisde Cainnt mo mhàthar Gàidhlig Bharraidh Gura tric a bhios mi smaointinn Nuair a bha mi òg 'smi faoin 'Buain nan ròs a-mach 'san aonach Ris na caoirich taobh nan gleannan Ach nam bithinn pailt de stòras Rud nach bi mi fad 's is beò mi Sud an tìr 'san dèanainn còmhnaidh Far an d'fhuair mi òg am bainne An tìm an earraich bidh gach iasgair 'Mach le bàtaichean 'san Iar ann Sud an sealladh leam bu bhreagha 'N am nan lion a bhith 'gan tarruing An tìm a'gheamhraidh leam bu shanntach 'Bhith a-measg nan òigearan bannda Bhiodh òl ann is ceòl is dannsa 'S dram cha bhiodh oirnn gann mu Nollaig

More from Maggie MacInnes

Maggie MacInnes →

Related lyrics