Bràigh Loch Iall
GA

Bràigh Loch Iall 歌词

流派Folk
时长3:41
原文语言GA
浏览量163
Aa阅读设置
文字大小 18

原文歌词

GA
暂时没有翻译,当前显示原文歌词。
O thèid 's gun tèid O thèid mi thairis Gu innis nam bò Far an b' eòl dhomh 'n ainnir Sèist: Hill ò bha hò 'S na hao ri ri ri o hi Hoireann òg ù ho I o bha hò Gu bràighe loch iall Far 'm bi fiadh 'san langan Is earbag nan stùc Gu lùthmhor eangarr' A bhean an fhuilt rèidh Thug mi fhèin dhuit mo ghealladh Mo ghealladh ad dhéidh Ged b'fheudar bhith dealaicht' Gur math thig brèid bàn Air a chàradh ort beannach Mu aghaidh gun sgraing Nan gormshùilean meallach Is staidhse dhan t-sìoda Mhìn gad theannachadh Is aparan ùr À bùth a' cheannaich' Gur minig a bha sinn An àirigh ghleannaich Am bothan beag dlùth Gun dùnadh ach barraich Làmh thogail an àil Bha tlàths riut ceangailt' 'N àm gabhail mu thàmh Cha do chnàmh ar teallach Mo làmh fod cheann 'S do làmh gheal tharam Mo thaobh rid thaobh 'S sinn maoth-chridheach, tairis

更多 Ishbel MacAskill

Ishbel MacAskill →

相关歌词